Gearr-iomradh gu h-iosal / English summary below

 

Tha an t-àm air tighinn far am faighear cunntas eadar-dhealaichte dhuinn air cultar na Gàidhlig, le seallaidhean lèirsinneach nan Gàidheal, stèidhichte ann an dualchas agus ann an eachdraidh aca fhèin. Seo far an urrainnear diofar a dhèanamh dhan chànain; seo far an cuirear eachdraidh ùr air a’ bheairt. Tha cothroman air leth againn an latha an-diugh a bhith a’ togail nan casan leinn air rathad mòr na sgoilearachd agus cleachdadh ùr a’ chànain a sgaoileadh. Tha e an urra rinn fhèin a-nise a bhith a’ cur seachad gu tur na h-abairtean  a thathas a’ buileachadh air a’ chànan mar mhion-chànan – a leithid de chromadh, crìonadh, teàrnadh, tanachadh, mùthadh, sìmpleachadh, seargadh, caitheamh, dol sìos – seo iad nam briathran a bha a’ laighe gu trom air ar n-inntinn – agus a-nise a bhith ag aithneachadh far an urrainnear Gàidhlig ga cur gu feum le deagh-bheachd ann an diofar dhòighean.

Bhathas taic a’ toirt dhan chànan ann am beath làitheil againn ri ar linn-sa le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig far am faighear oideachadh ceart ann an dha-rìribh dhan òigridh. A thuilleadh air sin, tha obair-rannsachaidh a’ dol fad is farsaing, a’ dùsgadh cuimhneachan bho Ghàidhealtachd o sheann agus a’ cur ìomhaigh an cèill air iomlanachd na Gàidhlig. A dh’aindeoin ùidh a’ fàs anns a’ chànan agus fiù ‘s ath-bheothachadh ri innse, chan eil àireamh de dhaoine le Gàidhlig a’ fàs cho mòr a-rèir sin fhathast. Co-dhiùbh bhitheamaid a’ gabhail misneachd leis na th’ againn de dh’fhaclan is abairtean a tha ri am faighinn anns na seann fhaclairean, mar eisimpleir, anns an fhaclair a chruthaich an Sasannach ionmholta sin, Èideard Dwelly còir. Agus tha an obair rannsachaidh againn a’ steudadh air adhart an dràsta le sgrùdadh cànanach, le clàradh dual-chainntean  togail faclairean, gu h-àraid le DASG air neo ‘Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig’ agus leis an iomairt Faclair na Gàidhlig stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Ghlaschu, agus le sluagh-ghairm brosnachail bhuapa: ‘a’ gleidheadh agus a’ cumail buan beairteas agus iomlanachd na Gàidhlig’.

 

Faclan agus abairtean fo chòmhdach Faclair le Èideard Dwelly, 1901-1911.

Gaelic words and sayings in the dictionary by Edward Dwelly, 1901-1911. 

Ann an 2005, thàinig sealladh eile agus atharrachadh mòr ann far an deach an cànan a dh’aithneachadh mar chànan oifigeil na h-Alba agus mar chànan  aig a bheil spèis cho-ionnan ris a’ chànan eile! Seo againn an reachd Achd na Gàidhlig fo stiùireadh Pàrlamaid na h-Alba. Thàinig Bòrd na Gàidhlig am bith na lùib. Chaidh aire a thogail mun chànain am measg a’ mhòr-shluaigh tro cheuman leithid soidhnichean dà-chànanach agus cleachdadh na Gàidhlig ann am foillseachaidhean agus sgrìobhainnean aig ùghdarrasan poblach agus bhuidhnean corporra. Bha fèill agus cabhag ann an uairsin airson eadar-theangaichean agus bha cothrom aig na fileantaich an obair seo a ghabhail os làimhe. Aig an aon àm bha cothrom do dh’oileanaich a’ tighinn a-steach dhan ionad-margaidh agus a bhith a’ cur nan sgilean ùra aca gu feum. Ma dh’fhaoidte nach e toradh a bha air fàire an uair an deach an reachd a rèiteachadh ach chithear an siud ’s an seo cleachdaidhean a’ chànain mar eadar-theangachadh a tha neònach do Ghàidheil agus nach eil cho càilear idir.

Ged a tha slighe mhisneachail fa-near dhuinn ann an compàirteachas le ùghdarrasan agus feum aca air ge b‘ e  seòrsa de Ghàidhlig a dh’fhaodadh a bhith ann, uaireannan nach e compàirteachas fo uallach a bhios ann? Gheibh sinn naidheachd is sgeul is fiosrachadh a chaidh a sgrìobhadh anns a’ Bheurla anns a’ chiad dol a-mach agus bidh sinn ann am buarach le bhith a’ lorg briathran no abairtean freagarrach no iomchaidh ann an obair eadar-theangachaidh. Chithear gu bheil a’ Ghàidhlig fo smachd eadar-theangachadh gu litireil le cainnt chaochlaideach fiu ’s gun ciall, agus chanainn gu bheil an cànan oifigeil gu tric a’ dèanamh cron dhan seann chainnte mhilis a’ Ghàidheil, le call air cothrom Gàidhlig ga cur gu feum le susbaint buntainneach àbhaisteach bhrìghmhor.

Tha fios againn gu bheil sinn uile sgileil ann an gnothach co-phàirteachadh eòlais, mar a chanas sinn ri ‘knowledge exchange’, mar phròiseas tarraing a-steach agus toirt seachad eòlais, agus tha mi làn chinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig cho comasach stiùireadh agus treòrachadh a thagradh. Nar làithean fhèin, tha bun-stèidh eòlais air daingneachadh gu mòr agus tha spionnadh sònraichte air taobh cleachdadh a’ chànain. A thuilleadh air sin, tha sinn air gluasad an dràsta  gu bhith am broinn sgoilearachd aig gach ìre, ge b’ e a’ chuspair a tha fon phrosbaig, eadar poilitigs, eaconamachd, litreachas, eachdraidh, na saidheansan no an àrainneachd – agus tha a’ Ghàidhlig comasach agus suas ris a’ chleas! Tha leasachadh air gach deasbad agus tha earbsa agus cinnte a sìor dhol am meud. Tha luach ann an sealladh is beachd a’ tighinn à taobh-tuath na dùthcha agus taobh-an-iar – bhon Ghàidhealtachd ann an dha-rìribh far a bheil a bharrachd de dhùil agus dòchas air fàire. Chualas abairt am measg nam bodach: ‘Tha a’ Ghàidhlig math gu leòr na h-àite fhèin –  ’s e sin ri ràdh, air latha faing, no air a’ chroit, no aig an iasgaich!’ Ach tha sinn a’ dol seachad air na beachdan seo gu raointean ùra agus thig car eile air cuibhle an fhortain fhathast.

 

 

Balaich an iasgaich, ann an cala Bagh a’ Chaisteil, 1935.

Fishermen in Castlebay, 1935.

Photo. Margaret Fay Shaw, courtesy National Trust for Scotland.

Language-use and the wheel of fortune

We are used to longstanding comments on the state of Scottish Gaelic as a minority language, applying terms denoting decay and disappearance as numbers of speakers has declined. Meanwhile the language has been enjoying a revival with widespread interest in learning the language and a growing awareness of an autonomous history. Education through the medium of Gaelic has spread and extensive research into language and context is amassing digital resources for the language such as DASG, the Digital Archive for Scottish Gaelic, and Faclair na Gàidhlig, ‘The Gaelic Dictionary’, based at the Gaelic College, Sabhal Mòr Ostaig, and Glasgow University.

Support for the language has come from the Gaelic Language Act of 2005. This established a board to secure the status of Gaelic as an official language of Scotland, commanding equal respect with English, and entrusted with the preparation of a national Gaelic language plan and language plans for public authorities. Bilingual signs and documentation in Gaelic required translators urgently but documentation composed in English and appearing in literal rendering often makes for strange reading in Gaelic.

The suggestion is made that a ‘tyranny of translation’ can do damage to a language under siege, but the language itself has expanded into new domains and is infinitely capable of modern modes such as ‘knowledge exchange’. In spite of assumptions about being out-dated, Scottish Gaelic is a living language and proper vehicle for acute learning. With its energy from within and enthusiasm from without, Gaelic’s ‘wheel of fortune’ can be turned again!